-
Eh, fàilte
-
Is mise Iain Tormod MacDhòmhnaill.
-
'S ann às ceann a deas
na Hearadh a tha mi.
-
Eilean air taobh an Iar na h-Alba,
-
Iar thuath na h-Alba
-
Tha mi air a-bhos ana-sheo ann an Glaschu
-
O chionn seachd bliadhna a-nis
-
Ach chuir mi seachad a' chuid mhòr
Dhe mo bheatha,
-
Ag èirigh suas co-dhiù, anns na Hearadh
-
Chaidh mi dhan sgoil ana-shin
-
Chaidh mi dhan oilthigh 's colaistean
-
Ann an Leòdhas
-
Is thàinig mi a-nuas gu tìr-mòr na h-Alba
-
Nuair a bha mi ochd bliadhn' deug
-
Agus tha mi gu ìre mhath air a
bhith ana-sheo bhon uair sin.
-
Tha mi air iomadach dreachd a dhèanamh
-
'S obair. Tha mi air a bhith ag obair mar
-
Chlèireach mar a chanadh tu
-
Aig fear-lagh'. Tha mi air a bhith
-
Ag obair ann an taighean-òsta
-
's taighean-seinnse. Tha mi air
-
Beagan siubhail a dhèanamh thall-thairis
-
Ana-shiud 's ana-sheo, agus a-nis, tha mi
-
Ag obair aig comhairle nan leabhraichean
-
Ann an Glaschu, agus is mi an oifigear-
-
reic 's rianachd a th' aca
Ana-sheo
-
'S bidh mise a' coimhead às dèidh
-
Ghnothaichean anns a' bhùth
-
Tha mi, mar a thuirt mi, air faisg air seachd
-
Bliadhna a chur seachad ana-sheo
-
Agus tha e a' còrdadh rium gu mòr a bhith
-
An lùib an obair 's an lùib a' Ghàidhlig
-
A h-uile latha. Agus tha còignear againn
-
Ag obair ana-sheo. A' bruidhinn
-
A' Ghàidhlig fad na h-ùine
-
Ri càch a chèile. Agus ri daoine a
thig a-staigh
-
Dhan bhùth cuideachd
-
Bho àm gu àm
-
Tha coimhearsnachd gu math làidir
-
Fhathast ann an Glaschu
-
Ann an cuid a dh'àitichean
-
Tha e nas sgapte na bha e gun teagamh
-
Ach, dh'aindeoin sin, tha gu leòr
-
Gàidheil mun cuairt. Ma thèid thu
-
Mar eisimpleir sìos gu
-
Taighean-seinnse, tha dìreach, fear a tha,
-
Fear a tha shìos aig ceann an rathaid
-
Ana-sheo, tha bodaich ana-shin a bhios
-
A' bruidhinn a' Ghàidhlig, agus 's ann
-
Às Uibhist a tha 'ad. Ged a tha fear
-
No dhà ann à Leòdhas. Agus is toil
-
Leotha a bhith a' cluinntinn a' Ghàidhlig
-
's a bhith a' còmhradh ann an Gàidhlig
-
Cuideachd. 'S mar sin dheth, tha
-
A' Ghàidhlig air, tha mi cinnteach air
-
Beòthachadh fhaighinn ann an Glaschu
-
's ann an àitichean eile thairis air na
-
Bliadhnaichean, le sgoiltean Gàidhlig
-
Cuideachd a' tighinn am follais
-
agus sgoil ùr san amharc dhaibh air ceann
-
A deas Ghlaschu ann am bliadhna no dhà
-
Agus sgoil ùr ann an Dùn Èideann cuideachd
-
Agus tè ùr ann an Inbhir Nis
-
Agus, mar sin dheth, air a'
-
Ghàidhealtachd agus ann am meadhan Alba
-
Tha a' Ghàidhlig a' beòthachadh agus
-
A' neartachadh bho bhliadhna gu bliadhna
-
Agus bhithinn an dòchas gum mair
-
An suidheachadh sin airson an àm ri teachd